



| Coisich a Rùin |
| Coisich a rùin Coisich a rùin hù ill ho-rò Lùb nan geal-làmh o hì ibh ò 'S minig a bha, hù ill horò Mi fo t' earradh, och hoireann ò 'S minig a bha, hù ill ho-rò Mi fo t' earradh, o hì ibh ò 'S mi fo chirb, hù ill horò Do bhreacain bhallaich, och hoireann ò 'S mi fo chirb, hù ill ho-rò Do bhreacain bhallaich, o hì ibh ò 'N lagan uaigneach, hù ill horò Chluain a' bharraich, och hoireann ò 'N lagan uaigneach chluain a' bharraich Siaban nam beann sìor chuir tharainn Uisge fìor-ghlan, fuar-ghlan, fallainn, An cois an fhèidh 's àirde langan. 'S mise a' bhean bhochd a th'air mo bhuaireadh Ma thug Clann Nèill druim a' chuain orr' Luchd nan ròiseal 's nan long luatha 'S nam brataichean dearg' is uaine 'S nan claimheannan geura, cruadhach Nach laigh smal orr' anns na truaillean. 'S mise a' bhean bhochd a th'air mo sgaradh Mur e Leòdhas mhòr ur caladh Mas e 's boghstair dhuibh a' ghainneamh Mas e 'n t-slaodach 's aodach-tarraing Mas e na sgairbh ur luchd-faire Ur coinnlean àrd na reultan geala 'S ur ceòl fìdhle gaoir na mara. |
| Scottish Songs and Celtic Ballads |